Oran - 'Sach Fhir a Theid
Air don bhard a bhi tighinn seachad air tigh Choire Mhoinie, thachair air an latha sin gu'n robh moran thighearnan agus dhaoine uailse cruinn ann, agus iad a dol a chluich air a bhall, agus buideal uisge bheatha gu bhi air a gheall. Chomhlaich fear do mhic an tighearna am bard, agus dh' fheoirich e co as a thainig e, dh' innis e dha dh' fheoirich e mar an ceudna ciod bu shloinneadh dha, agus dh' innis am bard bha. Nur' dh' aithnich e co bh' aige chum se e gus a faiceadh e spors an latha, agus chuir e air dara taobh a ghill e, agus choisinn am bard an taoghal tri uairean.
Air Fonn - “Si so Deoch Slainte 'n t'Siosalaich.”
'Sach fhir a theid gu tuath bh' uainn,
Thoir an t' soraidh uam gu 'n dail,
'S fiacham fhein gu 'n giulain thu
Na focail so gu curamach;
'Sach gu bheil mi'n duil
Nach leig thu diuchuimhn ann na dail,
'S mo bheannachd dhoibh gach sean is og
Tha 'n Coire Mhoinie thamh.
Ceann uidhe bhaird as phiobairean,
An talamh priseal agh,
Far 'm bi naigheachd fhirinneach
Nach cuireadh cach gu finid i,
Agus sgeula Bhiobaile
Ga h-inns ann air gach trath;
Is treis air eachdaireachd na dheigh
Mar bha 'n Fheinn s na blair.
'S bi sud 'n teaghlach mhuthar,
Gu 'r buan an cliu mar tha;
Gu siobhalta ciuin bain-tighearnail,
Gu farasda min maighdeanail,
Is tighearna ro cheannsgalach,
Air mod se ceannard chaich;
'S gillean oga fearail sgairteil
Rachadh grad sa spairn.
'S gu 'r iomadh fuil gu 'n truailleadh,
Tha na 'r gruaidhean suas air fas,
Sloinneadh rioghail buaghail
'O Ailpeanaich a fhuaireadh iad,
Sliochd na 'n righran uasal,
Bha uaireiginn sa Spain
'S bha seachd-deug dhiubh as a Ghreig;
'S bu shean ri leughadh iad.
Sa Sheumais Choire Mhoinie
Tha corr agad air cach,
'S gu 'r cliuthar ann an Albainn thu,
An Sasunn gu 'r duin ainmeil thu,
'S gu 'r iomadh fear le dearbhadh
Thug do sheanachas o 'n a bhas
'S o 'n a chaochail Moirfhear Tairbeirt
'S tu 'n dearbh fhear tha na ait.
'S ged bhiodh do mhic na 'n Iarlachan,
Gu 'm b' fhiach iad bhi na b' fhearr;
Sa chuid dhiubh chaidh na h-Innscachan,
Gu 'ma math a chinneas iad;
'S bha 'n Doctair ro inntinneach
Gle shiobhalta le gradh;
'S cha 'n iarrainn sugh dha le mo dheoin
Nach orduichinn do chach.
Ma chuireas iad am baiteal sibh
Tha taisich sibh le sgath,
Gu guineach garg ro-achdainach
Gu neartair calma gradcharrach;
Gu fuilteach creuchdach gearanach
Na thachradh ribh sa bhlar.
Claidhean ruisgte aig fir mo ruin,
A fiachainn luths an lamh.
Gu 'r iomadh maighdean eireachdail,
Nach ceileadh oirbh a gradh,
'S baintighearnan ro urramach
'S dhurichdeadh bhi cuide ribh;
Sa shealladh ri na cumadh
O 'na mullach gu nur sail,
Sibh beulach briathrach coir gu 'n mhiothlachd
Gu 'n na fiachainn cearr.
'S gu 'r boidheach cumair eutrom iad,
A dol fuidh 'n eideadh ghearr,
Le sporan 's feileadh cuaiche orra,
'S biodag air an cruachinnean;
'S a 'n t-or ac air an guaillean,
S' gu 'm b' uallach iad air sraid,
'San cuir na cloiche 'n ruith na 'n leum
Bidh ceum agaibh air chach.
Se 'n duthchas bh' aig ar sinnsearachd,
'S gu 'n lean e ribh gu brath,
'S gu 'n d' thug mi fhin an t' urram dhuibh,
Na chi mi na 'n a chunnaig mi,
Na chuala mi na chluinneas mi,
Dhe 'n dh' fhuirich na'n dh' fhalbh
Sann air baisteadh fuaran Channain
A dh' aithnich mi mar bha.
Sean-fhocal cha bhreugaichir,
'S gu feum mi chuir os 'aird,
'S bheir aoidh na h-aon oidhche,
Teisd a s'faide na theid fhoigneachd dheth,
'S bheir mise e air a choinndigh,
A bha n'oidhche ud as tigh bhan,
'S gu'n robh gloineachan dha'n lionadh,
'S a g'ol sios deoch slaint.
'S ged a dh'fhalbh a'n oidhche,
Cha bu deireadh coinnle dha,
Bha iomain agus danns aca
'S gura fhurannach air strainnseir iad
Bha tional fir a bhraighe ann,
Aig gaidheil a cur ghill
'S bheirinn ionnsuidh air am paigheadh,
Nam b'fhear cainnte mi
An cuide Missachan ro eireachdail,
'S gle oileante dha chinn
'S a cur nan teud an uidheim dhoibh,
Bu shunntach ann sa'n ruidhil iad, .
Cha-n 'eil ceol nach cluicheadli iad,
Nur shuidheadh iad le ceill,
'S dh'aithnichte am buinn air chlarich bhuird,
Nam a chiuil a sheinn.
Bha'n gruaidh mar chaorunn mheanghanan
Se reachdair air a gheig,
Rosg tana chaol s'iad meall-shuileach,
Gu baghach, miogach, shealladh iad,
'S beul ciuin a labhradh farasda
Nach aithriseach droch sgeul,
San uchd mar eala le ciochan geala
Slios ma'r chanach sleibh.
'S tha bhaintighearna cho feilidh ann
Sa 's leir dhomh tha mu'n cuairt,
A luidhe us a g'eiridh dhoibh
Tha beannachd bhochd is dheirceach ac,
Dhilleachdain us fheumnaich,
Gu leir da'n cumail suas,
'S na'm b'fhear eachdaireachd na sgeoil mi,
Dh'innsinn cor dheth' m buaidh.